Theresa May
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e neach-poileataigs à Sasainn a tha ann an Theresa May BP. Bha i na dàrna Prìomhaire boireannach na Rìoghachd Aonaichte eadar 2017 agus 2019.
Rugadh i, mar Theresa Brasier, ann an Eastbourne agus thogadh i ann am Wheatley ann an Siorrachd Oxford. Dh'ionnsaich i cruinn-eòlas aig Oilthigh Oxford agus dh'obair i airson Banca Shasainn agus airson an Association for Payment Clearing Services.
Chaidh i na BP airson Maidenhead ann an 1997 agus na Rùnaire na Dùthcha ann an 2010. B' e May aona tagraiche airson ceannardais Pàrtaidh Tòraidheach an dèidh do Dàibhidh Camshron a thoirt suas air sgàth 's gun do chaill e reifreann Bhrexit agus an dèidh do Andrea Leadsom a tharraing air ais às a' cho-fharpais.[1] Chaidh i na prìomhaire 13 an t-Iuchar 2016.
Ghairm i grad-thaghadh ann an 2017 airson a suidheachadh ann am Pàrlamaid a dhaingneachadh ach chaill i a mòr-chùid.[2] Ris a' bhuidseit agus ri Òrain a' Bhànrigh fhuair i taic bho deichnear buill pàrlamaid an DUP.[3]
Dh'fhoillsich i gun leig i a dreuchd mar cheannard a' Phàrtaidh Tòraidheach anns an Ògmhios 2019 air sgàth 's nach do d'fhuair i taic Phàrlamaid airson a' chùmhnant a dh'aontaich i còmhla ris an Aonadh Eòrpach mu Bhrexit.[4] Dh'fhàg i 10 Sràid Downing anns an Iuchar 2019 is lean Boris Johnson i mar Phrìomhaire.[5]