From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e Uilleam Topaz Mac Congáil(Beurla: William McGonagall, Màrt 1825–29 an t-Sultain 1902) breabadair, bàrd rannaghaill agus cleasaiche à Dùn Dè. Fhuair e ainm mar fhìor dhroch bhàrd nach do ghabh dragh sam bith ro bheachdan a choimpirean air a chuid sgrìobhaidh. Is ann a tha e air a chlàradh ann an Leabhar Clàr-cunntais MhicAonghais mar aon de na bàird Bheurla a bu mhiosa.
Uilleam Mac Congáil | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | William McGonagall |
Breith | Dùn Èideann agus Conntaidh Dhùn nan Gall, dhen Mhàrt 1825 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann |
Bàs | Dùn Èideann, 29 dhen t-Sultain 1902 |
Àite-adhlacaidh | Cill nam Manadh Liatha |
Foghlam | |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | breabadair, bàrd, performing artist (en) , sgrìobhadair, actair agus actair àrd-ùrlair |
Gnè ealain | performance art (en) |
mcgonagall-online.org.uk | |
Sgrìobh e mu 200 dàn, nam measg sin, "Sgiorradh Drochaid Tatha" (The Tay Bridge Disaster) agus "Muc-mhara ainmeil na Tatha" (The Famous Tay Whale), cuid de na dàin as motha a chuirear suarach ann an saoghal litreachas na Beurla. Chaidh fhastadh air feadh Alba airson a bhàrdachd aithris, rud a bha na chomharra gun robh luchd-èisteachd a' moladh an liut aig Mac Congáil mar phearsa èibhinn talla a' bhaile.
Ged as e am bàrd Beurla a bu mhiosa a-riamh a bheirear air Mac Congáil[1] , tha a rannaidheachd air a cuimhneachadh 's air a h-aithris an-diugh air sgàth sin agus gheibhear grunn leabhraichean dhith ann an clò fhathast. Is e na beuman as motha a bheirear air, nach tuigeadh e meatafor bàrdail agus nach b' urrainn dha meadarachadh. Gidheadh, fhuair e a chliù bhon bhuil àbhachdach a bha na fàillinnean seo ag adhbharachadh. Le ruitheaman mì-iomchaidh, faclan fann, agus ìomhaigheachd neo-ghlic a' tighinn còmhla, rinneadh gun robh a bhàrdachd-san, gun fhios dha, am measg cuid de na duain dhràmadach a bu ghàireachdaile ann an saoghal na Beurla. Tha obair Mhic Congáil stèidhichte ann an dualchas fada bàrdachd-sgeòil na Beurla mu thachartasan is tubaistean mòra. Bhiodh na rannan air an cur air bhlàr mar bhileagan-làimhe, oir ann an aimsir gun rèidio no telebhisean, b' e an guthan-san aon dòigh air naidheachdan cudromach a sgaoileadh am measg sluaigh a bha fìor dhèidheil air an leithid.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.