![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/5/58/Vlissingen_vlag.svg/langgd-640px-Vlissingen_vlag.svg.png&w=640&q=50)
Vlissingen
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e baile meadhanach, port[2] agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Middelburg, air an àirde an ear-dheas nan Tìrean Ìsle a th' ann an Vlissingen (IPA: ˈvlɪsɪŋən, Beurla: Flushing, Fraingis: Flessingue, Spàinntis: Flesinga). Tha e suidhichte air Leth-eilean eadar dà Chaolas: Veerse Weer ann an ceann a tuath agus Westerschelde ann an ceann a deas, ri taobh Inbhir Westerschelde, 5m os cionn ìre na mara,[3] anns an roinn Tìr na Mara (Duitsis: Zeeland), 136km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 81km bho Rotterdam, 86km bho Den Haag, 152km bho Almere agus 128km bho Utrecht.[4] Chaidh Vlissingen a stèidheachadh 620 agus fhuair e a chuid chòirichean (Duitsis: Stadsrechten) ann an 1315.[5] 'S e am port na bu chudromaiche na dùthcha a bh'ann Vlissingen ri linn Aois an Òir nan Tìrean Ìsle, ged an do chrìonaich a cuid bheartais is cudromachd san 18mh Linn. Bha gnothaichean mar spùinneadaireas, tràilleachd, malairt agus iasgach gu math làidir an seo. Tha 44,391 duine a' fuireach ann.[6]
Vlissingen
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 51° 27 51' Tuath 03° 34 35' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 34.16 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 44,391 (2012) | ||||
Dlùths | 1,299.5/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 0118[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |