'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann am Västra Götalands län (Suomais: Länsi-Götanmaan lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, air an àirde an iar-dheas na dùthcha, gu deas air Värmlands län agus Örebro län. 'S e Göteborg a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1998. Sìnidh Västra Götalands län fad 25246.9 km² agus tha 1,615,084 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an còigeamh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an dara tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 10 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Borås agus Göteborg nam measg.