A' Phòlainn
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e dùthaich Eòrpach a th' anns a' Phòlainn[1][2][3][4][5] no a’ Phólainn[6][7] no Póland.[8] Tha i suidhichte ann am meadhan na Roinn-Eòrpa. Tha crìochan aice leis a' Ghearmailt, a' Bhealaruis, Poblachd na Seice, Ucràin agus le Slobhaigia. Gu h-eachdraidheil agus a rèir cultair is creidimh b' e pàirt den Roinn Eòrpa an Iar a bh' anns a' Phòlainn ach san latha an-diugh bidh i gu tric air a cur am measg nan dùthchannan eile a bha fo smachd a' Chomannachais mar phàirt den Roinn Eòrpa an Ear.
Cleachdar Bealaruisis, Silèisis, cànan Cassubian/Caisiubais, Gearmailtis agus Ucràinis cuideachd ged nach eil iad nan cànanan oifigeil.
'S e Oilthigh Jagiellonian an dàrna oilthigh as sine ann am meadhan na h-Eòrpa. Chaidh a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1364, mar sin tha e am measg nan oilthighean as aosmhoire san t-saoghal.
Remove ads
Eachdraidh
- 960 - Freumhan miotasach nam Piast.
- 1205–1385 - A' chiad Rìoghachd na Pòlainn eachdraidheil, fo na Piast.
- 1385–1569 - An dàrna Rìoghachd na Pòlainn fo shliochd Jogaila.
- 1569–1795 - Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia.
Bhuineadh A' Phòlainn dhan Cho-aonta Warszawa eadar 1955 agus 1990. Air 12 am Màrt 1999 ghabh an dùthaich ri NATO.[9]
Daoine ainmeil
- Franciszek Smolka (1810 – 1899): Neach-lagha agus neach-poileataigs.
- Frédéric Chopin
- Marie Curie
- Jarosław Dąbrowski
- Jogaila
- Czesław Miłosz, Sgrìobhadair
- Lech Kaczyński, Ceann-suidhe na Pòlainn a chaochail ann an tubaist adhair
- Henryk Sienkiewicz
- Wisława Szymborska, Sgrìobhadair.
- Lech Wałęsa
Bailtean mòra
Seo liosta deich bailtean as motha na dùthcha:[10][11]
Dealbhan
- Bielsko-Biała
- Olsztyn
- Malbork
- Tatry
Iomraidhean
Ceanglaichean a-muigh
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads