Franciszek Smolka
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e neach-lagha agus neach-poileataigs à Ostair-Ungaire/A' Phòlainn a ghabhadh ri nàiseanteachd a bh' ann am Franciszek Jan Smolka (Gearmailtis: Franz Schmolke, Kalusch, 5 an t-Samhain 1810 - Lemberg, 4 an Dùbhlachd 1899).[1] Bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach: bha athair na oifigear san arm roimhe. Thug e ceum ann an lagh à Oilthigh Lviv agus stèidhich e oifis lagha an sin cuideachd. Ann an 1834 ghabh e a-steach don Aonadh Nàiseanta Deamocratach, air neo "Caraidean an t-Sluaigh Phòlaich" air neo "Comann nan Daoine Pòlach", agus cha b' fhada gus an robh e na cheannard. Ann an 1841 chaidh a chur an grèim agus, an dèidh cùis lagha a mhair ceithir bliadhna, chaidh binn bàis a thoirt dha san Fhaoilleach 1845, ach chaidh maitheanas fhaighinn sa bhad.[2]
Anns a' Mhàrt 1848 bha e os cionn gluasad nàiseanta na Pòlainn ann an Galicia agus dh' obair e às an leth a' bhuidheann sin san Reichstag am Vienna. Chaidh a thaghadh an toiseach mar Iar-Cheann-suidhe na Pàrlamaid seo, a bha an uair sin na Cheann-suidhe air 12 an Dàmhair 1848. An dèidh dhan Reichstag a bhith air a chur às anns a' Mhàrt 1849, thill e a Lemberg (Lviv an latha an-diugh) agus dh' obair e mar neach-lagha a-rithist.[3] Ann an 1861 chaidh a thaghadh leis an Diet ann an Galicia mar iar-cheannard dhan Reichsrat thall ann an Vienna, far an do ghabh e àite còmhla ri feadarailich Pòlach is Seiceach air an làimh dheis agus an aghaidh siostam meadhanachaidh Anton von Schmerling.[4]
Chaidh prìomh dhreuchd Smolka ann an Club nam Pòlach sìos airson a rinn fàbhar Kasimir von Grocholski (1815 – 1888), agus san Dùbhlachd 1862 leig e dheth a dhreuchd an dà chuid san Reichsrat agus san Landtag roinneil, ach chaidh ath-thaghadh ann an 1867 agus b' ann am measg ceannardan buidheann na Pòlainn 's a bha Smolka.[5] Ann an 1879 chaidh a thaghadh mar chiad iar-cheann-suidhe agus ann an 1881 na cheann-suidhe air Taigh nan Riochdairean. Air 16 an t-Sultain 1882 fhuair e an t-urram a bhith na Chomhairliche Dhìomhair agus ann an 1891 chaidh ainmeachadh na àrd cheann-suidhe air Taigh Riochdairean san Reichsrat. Chaochail e le stròc ann an Lemberg ann an 1899. Chaidh ìomhaigh-cloiche a thogail mar urram fhoillseachadh ann an Lemberg air 8 an Dùbhlachd 1913 (snaidheadair: Tadeusz Błotnicki, 1858 – 1928) ach rinneadh fìor dhrocha sgrios air, ri linn an Dàrna Cogaidh.[6]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads