Ailig Salmond

From Wikipedia, the free encyclopedia

Ailig Salmond
Remove ads

B' e neach poileataigs a bha ann an Ailig Salmond (31 an Dùbhlachd 195412 an Dàmhair 2024) (Beurla: Alex Salmond).

Quick facts ball 50mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, ball 51mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ...

Bha e 'na Phrìomh-Mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba, bhon Chèitein 2007 gu ruige 19 an t-Samhain 2014.

Remove ads

Beatha

Rugadh agus thogadh e ann an Gleann Iucha agus bha e na oileanach aig Oilthigh Chill Rìmhinn far an do dh'ionnsaich e eaconomachd agus eachdraidh meadhan-aoiseil. An dèidh an oilthigh dh'obair e mar eaconomaiche ann an seirbheis chatharra agus airson Banca Rìoghail na h-Alba. Ghabh e mar bhall ann am Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba nuair a bha e na oileanach.

Ann an 1987 chaidh e a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid airson Banbh agus Buchan. Chaidh e na cheannard air an SNP ann an 1990. Chaidh a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba ann an 1999 agus leig e dheth ceannardas an SNP ann an 2000. Thill e air ais gu ceannardas ann an 2004. Ann an 2007 B' e an SNP am pàrtaidh a bu mhotha ann am Pàrlamaid na h-Alba agus dh'ainmicheadh e mar Phrìomh-Mhinistear. An dèidh don SNP an taghadh 2011 a bhuannachadh, dh'eagraich Riaghaltas na h-Alba reifreann air neo-eisimeileachd. Às déidh dhan bhòt san reifreann a dhol ’na aghaidh, thuirt e gum biodh e a' leigeil dheth a dhreuchd mar cheannard a' Phàrtaidh Nàiseanta san t-Samhain, agus às déidh sin a dhreuchd mar Phrìomh-Mhinistear na h-Alba.

Bha e 'na Bhall Pàrlamaid airson Gòrdan eadar 2015 agus 2017.[1] Mar BhPA riochdaich e Siorrachd Obar Dheathain an Ear agus Gòrdan.

Chaidh Ailig Salmond na cheannard am Pàrtaidh Alba ann an 2021.[2]

Phòs e Moira McGlashan, àrd-sheirbheiseach catharra, ann an 1981. Chaochail e ann am Masadoinia a Tuath ann an 2024 an dèidh do òraid a thoirt aig co-labhairt eadar-nàiseanta.[3]

Remove ads

Connspaid is casaidean

Chaidh a shaoradh bho 13 casaidean drabastachd ann an 2020 ach tha eòlaichean air rabhadh gun robh "buaidh fhuarail" air mnathan a dh'fhulaing sàrachadh.[4]

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads