Alex Rowley

From Wikipedia, the free encyclopedia

Alex Rowley
Remove ads

'S e neach-poileataigs à Alba a tha ann an Alex Rowley BPA.

Quick facts Ball 4mh Pàrlamaid na h-Alba, Ball 5mh Pàrlamaid na h-Alba ...

Rugadh e ann an Dùn Phàrlain agus dh'obair e mar ghàirnealair mus deach e do Colaiste Abaid a' Bhatail Nuaidh agus Oilthigh Dhùn Èideann far an do dh'ionnsaich e sòisealachd agus poileataigs. Bha e na cheannard Comhairle Fhìobha eadar 1995 is 1998 agus 2012 is 2014.[1]

Bhuannaich e Cowdenbeath ann am Pàrlamaid na h-Alba ann am frith-thaghadh ann an 2014 an dèidh do chaochail Helen Eadie.[2] Chaill e an seat do Annabelle Ewing anns an Taghadh Albannach 2016[3] ach mhair e mar bhall-liosta airson Alba Mheadhanach agus Fìobh.

Chaidh e na leas-cheannard Pàrtaidh Làbarach na h-Alba ann an 2015[4] agus na cheannard eadar-amail nuair a dh'fhàg Kezia Dugdale a dreuchd san Lùnastal 2017.[5] Leig e a dhreuchd mar cheannard eadar-amail a' phàrtaidh, agus mar leas-cheannard a' phàrtaidh, dhiot san t-Samhain 2017 an dèidh do casaidean mun dol-a-mach aige[6] is mar leas-cheannard san Dùbhlachd 2017. Lean Lesley Laird e mar leas-cheannard.[7]

Tha a nighean, Danielle Rowley, cuideachd na neach-poileataigs agus chaidh i a thaghadh mar BhP airson Lodainn Mheadhanach ann an 2017.[8]

Remove ads

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads