Alexander Fleming
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e làmh-lèigh agus bith-eòlaiche à Alba a bha ann an Alexander Fleming (6 an Lùnastal 1881–11 am Màrt 1955). Rugadh e air tuathanas ris an canar Lochfield Farm faisg air Dairbheal anns an t-Siorrachd Inbhir Àir an Ear. Bha e na oileanach aig a' pholytechnic ann an Lunnainn agus an sin aig Sgoil Mheidigeach Mhoire far an deach e na òraidiche ann an 1914. As dèidh cogaidh mhòr thill e an sin agus chaidh e na ollamh ann an 1928. Lorg e am beirmear lysozyme ann an 1923 agus dh'fhàs e ainmeil air sgàth 's gun robh esan a' faotainn penicillin a-mach às an fhungas Penicillium notatum ann an 1928.
Remove ads
Urraman
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Leigheas ann an 1945 còmhla ri Howard Florey agus Ernst Chain.[1] Chaidh sloc air a' Ghealaich ainmicheadh air is air an reul-eòlaiche Williamina Fleming ann an 1970.[2]
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads