Ali Abbasi

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

B' e craoladair Albannach a bh' ann an Ali Abbasi (6 an Lùnastal 196130 an t-Iuchar 2004). Bha e ainmeil mar dhuine eirmseach, èibhinn.[1] Bha Beurla, Urdu agus Gàidhlig aige.[2]

Quick facts Beatha, Breith ...

Rugadh Abbasi ann an Karachi, Pacastan ann an 1961 agus thàinig e a dh'Alba ann an 1963.[1]

B' àbhaist dha obair mar neach-taic aig na gailearaidhean ealain aig Comhairle Baile Ghlaschu.[3] Ann an 1994, thòisich e ag obair aig BBC Scotland a' toirt seachad fiosrachadh mu na rathaidean agus siubhal.[3] A bharrachd air na naidheachdan-siubhail a libhrigeadh, dh'obair e cuideachd mar teicneolaiche fuaim nuair a bhathar a' craoladh a-muigh.[3]

Dh'fhoillsich e leabhar còcaireachd, No Worry Curries, agus dà leabhar làn fealla-dhà, The Ali Abbasi Joke Book.[1] Sgrìobh Jack McConnell, Prìomh Mhinistear na h-Alba aig am àm, ro-ràdh dhan leabhar còcaireachd.[1]

Dh'ionnsaich e Gàidhlig agus nochd e ann am prògraman Gàidhlig, nam measg Dè a-nis agus Air ais air an Ran Dan. Ann an 2003, dà bhliadhna às dèidh dha tòiseachadh air a' Ghàidhlig, chaidh ainmeachadh mar Gaisgeach na Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba.[4] Rinn e pìosan cuideachd air a' phrògram Rapal air Radio nan Gàidheal.[5]

Chaochail e air 30 an t-Iuchar 2004 aig Taigh-Eiridinn an Iar, Glaschu,[1] às dèidh tinneasan a dh'adhbharaich lupus, galar a mhilleas siostam ion-dhìon a' chuirp.[6] Chumadh seirbheis aig Mosg a' Mheadhain agus chaidh e thìodhlacadh aig Cladh Linn ann an Glaschu.[1]

Mar chuimhneachain dha, stèidhichte Cupa Ali Abbasi aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Bidh a' comharrachadh duais airson leughadh pìos bàrdachd le luchd-ionnsachaidh.

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads