Alistair MacLean
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B’ e sgrìobhaiche a bh’ ann an Alistair MacLean (ainm Gàidhlig Alasdair Stiùbhart MacGillEathain, Glaschu, 28 an Giblean 1922 – München, 2 an Gearran 1987) a thog cliù dha fhèin mar sgrìobhadair de nobhailean mar “The Guns of Navarone” agus “Where Eagles Dare”. Sgrìobh e cuideachd fon ainm Ian Stuart. Bha Gàidhlig aige.[1]
Rugadh Alistair MacLean ann an Glaschu far an robh athair ag obair mar mhinistear ach chuir e seachad a chuid as motha de dh'òigridh ann an Deimhidh, mu 10 mìle taobh a deas Inbhir Nis.
Ghabh e dreuchd mar sheòladair còmhla ris a' Chabhlach Rìoghail ann an 1941 agus e a' gabhail pàirt san Dara Cogadh Mòr mar “Ordinary Seaman”, “Able Seaman” agus “Leading Torpedo Operator”. Dh’obraich e an toiseach air a' bhàta PS Bournemouth Queen faisg air costa Bhreatainn agus an dèidh 1943 bha e air bòrd am HMS Royalist. Air a' bhàta seo ghabh e pàirt ann an sabaid no dhà ann an 1943 sa Chuan Siar, Muir Lochlainn agus ann an 1944 sa Mhuir Mheadhanach mar phàirt de dh’ionnsaigh air taobh a deas na Frainge. Ghabh an Royalist pàirt ann an sabaid sa mhuir Aegean cuideachd agus mu dheireadh, an 1945, chaidh am bàta a chuir a dh’Aisia gus sabaid an aghaidh Iapan agus Breatainn ann am Burma, Malaya agus Sumatra.
Dh’fhàg Alistair MacLean an Cabhlach Rìoghail an 1946 agus ghabh e àite aig Oilthigh Ghlaschu, a fàgail ann an 1953 le ceum ann am Beurla. An dèidh sin thog e dreuchd mar maighstir-sgoile san Ruaidh Ghleann. Mar oileanach thòisich Alistair MacLean air sgeulachdan ghoirid a sgrìobhadh gus rud beag airgid a chosnadh, agus bhuannaich e co-fharpais ann an 1954 le sgeulachd muireil leis an ainm “Dìleas”. Thug am foillsichear Collins cuireadh thuige airson nobhail a sgrìobhadh agus 's ann an uair sin a chruthaich e an leabhar “HMS Ulysses”, mu na thachair ris fhèin sa chogadh (le rud beag taic is fiosrachadh bho a bhràthair Ian a bha na Master Mariner). Reic an nobhail gu leòr agus cha robh fad sam bith gus am b’ urrainn do MhacGillEathain dreuchd a ghabhail làn-ùine mar sgrìobhadair.
Phòs MacGillEathain dà thuras agus bha triùir mhac aige leis a chiad bean. Chaochail e ann am München ann an 1987.
Remove ads
Leabhar-chlàr
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads