An Spàinn
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e stàit anns an Eòrpa an Iar a tha anns an Spàinn[1][2][3][4][5][6] (Spàinntis: España, uaireannan an Spàinnt[7]). Tha crìochan aice sa tuath leis an Fhraing agus le Andorra, san iar leis a' Phortagail, san ear is sa deas leis a' Mhuir Mheadhanaich agus le Giobraltair. 'S e Rìoghachd ann a th' anns an Spàinn an latha an-diugh, ach tha i air a bhith fo iomadh Cheannardan agus siostaman riaghlaidh eadar-dhealaichte, poblachdan agus deachdairean na measg.
Tha roinnean aig an Spàinn:
- Na h-Eileanan Balearach anns a’ Mhuir Mheadhanaich
- Na h-Eileanan Canàrach anns a’ Chuan Siar
- Ceuta agus Melilla ann an Afraga a Tuath
'S i rìoghachd ioma-nàiseantach a th' innte. Bruidhnear mòran cànain agus dual-chainntean eadar-dhealaichte anns an Spàinn. Ged a tha Spàinntis na cànan oifigeil, tha Catalanais, Basgais, is Gailìsis co-oifigeil anns na Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh. Ann an Val d'Aran, bithear a' bruidhinn an dual-chainnt Aranais, cànan co-oifigeil a tha càirdeach ri Ogsatanais.
Remove ads
Eachdraidh
Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.
Bailtean mòra
Seo liosta nam bailtean as motha anns an Spàinn:[8]
Cruth na tìre
Tha dà fhàsach anns an Spàinn: Bardenas Reales faisg air Nafarroa, agus Fàsach Thabernas anns an sgìre Almería.
Coimhearsnachdan fèin-riaghlaidh
|
A bharrachd air sin, tha 50 Roinnean anns an dùthaich.
Daoine ainmeil
- B' e bàrd barraichte Spàinnteach a bha ann an Antonio Machado.
- Rugadh Seòras Santayana a tha aithnichte an diugh mar fheallsanach, bhàrd agus sgrìobhadair ann am Madrid.
- Buannaich José Echegaray y Eizaguirre an Duais Nobel ann an Litreachas anns a’ bhliadhna 1904.
- Valentín González
- Francisco Franco
Faic cuideachd
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads