Francisco Franco

From Wikipedia, the free encyclopedia

Francisco Franco
Remove ads

B' e Deachdaire[1] na Spàinne bho 1936 gu 1975 a bh' ann am Francisco Franco y Bahamonde (Ferrol, 4 an Dùbhlachd 1892Madrid, 20 an t-Samhain 1975).[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1939 gus a chaochail e ann an 1975. Dh’èirich e, còmhla ri oifigearan eile, an aghaidh riaghaltas laghail Dàrna Poblachd na Spàinne ann an 1936[3] agus fhuair e taic bhon Fhaisisteachas air feadh na Roinn Eòrpa: Chuir na Nàsaich anns a' Ghearmailt an reiseimeaid Chòndor agus stuth armachd ùr chun na Spàinne, a bharrachd air cuideachaidh a fhuaras bho na Faisitich thall san Eadailt, ri linn Cogadh Sìobhalta na Spàinne.

Quick Facts National Head of the Movement (en), àrd-chomandair ...
Remove ads

Òigridh

Rugadh Franco ann am Ferrol (san Roinn Coruña) port uamhasach cudromach do Chabhlach na Spàinne, ged a bhuineadh na daoine aige do dh’ Andalusia, san cheann a deas bho thùs. 'S e oifigearan a’ Chabhlaich a bh’ ann am muinntir Fhranco agus bha Franco fhèin ag iarraidh a dhol dhan Acadamh a’ Chabhlaich,[4] ach bha e air a dhùineadh bho 1906 gu ruige 1913. Theab anarcach à Alba, air an robh Stuart Christie ga mharbhadh ann an 1964.

Remove ads

Aistidhean Co-Cheangailte

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads