Antalya
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e baile mòr, port agus sgìreachd bhaile (Turcais: büyükşehir belediyesi) ann an ceann a deas Poblachd na Tuirce a th' ann an Antalya (IPA: anˈtalja), Greugais: Αττάλεια). Tha Antalya suidhichte faisg air Alanya, air costa na Mara Mheadhan-thìriche, eadar Mersin agus İzmir san roinn (Turcais: ili) Antalya, aig inbhir na h-Aibhne Köprüçay (Greugais: Εὐρυμέδων), aig 30m os cionn ìre na mara. Tha 1,203,994 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an ochdamh baile as motha na dùthcha a th' ann cuideachd.
Antalya | |
![]() | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Antalya Büyükşehir Belediyesi |
Sgìre | Antalya İli |
Co-chomharran | 36° 54 00' Tuath 30° 41 00' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 1,417 km² |
Àireamh-shluaigh | 1,203,994 (2017) |
Dlùths | 849.68/km² |
Àireamh fòn | + 0242 |
Duilleag oifigeil | https://www.antalya.bel.tr |
Remove ads
Eachdraidh
Chaidh am baile a stèidheachadh leis an righ Attalus II Philadelphus à Peargamon mu 150 ro Ìosa Crìosd.[2] Leig Attalus III Philometor Euergetes am baile gu Impireachd na Ròimhe ann an 130 agus dh'fhàs Antalya gu math beairteach foidhpe. Ràinig Crìosdaidheachd dhan dùthaich sa 1 Linn agus chèilidh Barnabas agus Pòl à Tarsus air a' bhaile, mar a chithear ann an Gnìomharra nan Abstol.[3] Lean am baile air mar àite gu math cudromach fon Impireachd Bheasantianach, gu ruige an 13mh Linn,[4] nuair a thuit e dha na Tuirich Seljuq. Bha e na phrìomh-bhaile na prionnsalachd Teke (1321 - 1423) gus a thug Impireachd nan Otomanach ionnsaigh air.
Remove ads
Daoine Ainmeil
Bailtean Co-cheagailte
Iomraidhean
Ceanglaichean A-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads