Aracataca

From Wikipedia, the free encyclopedia

Aracataca
Remove ads

‘S e baile meadhanach agus sgìre-riaghlaidh (Spàinntis: municipio) ann an Magdalena, Coloimbia,[1] a th’ ann an Aracataca. Tha e suidhichte aig 40m os cionn ìre na mara agus 88km air falbh bho Santa Marta, prìomh-bhaile na roinne. Tha teodhachd meadhanach dhe 30˚ aige.[2] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1885.

Quick Facts Cur air cois, Neach bhon àite ...
Remove ads

Sluagh a' bhaile

Tha 19,894 duine nan tàmh anns a' bhaile fhèin, ach tha 35,520 uile gu lèir a' fuireach ann, a' gabhail a-steach na clachain thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[3] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[4] Air adhbharan trioblaidean poilitigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid neo mòran nan daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns nam bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, 's e daoine geala/mestizos a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Aracataca, ach tha Tùsanaich ann (3.8%) agus 12.5% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 77.6% dhe na daoine ann an Aracataca leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 16.5% nan dachaigh.[5]

Remove ads

Daoine ainmeil

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Aracataca. Chithear fèilltean Caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th’ ann fhathast,[6] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Clachain

  • Tehobromina
  • El Torito
  • Macaraquilla
  • La Escondida
  • Bocatoma
  • La Ribiera
  • La Fuente
  • Cerro Azul
  • El Volante
  • El Porvenir
  • Marimonda

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads