Archer Martin

From Wikipedia, the free encyclopedia

Archer Martin
Remove ads

B' e ceimigear à Sasainn a bha ann an Archer Martin (Lunnainn 1 am Màrt 1910Llangarron 28 an t-Iuchar 2002). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1952,[1] còmhla ri Richard Synge air sgàth 's gun do dh'innlich iad cròmatografaidh pàirteachaidh, dòigh na h-anailis far an tèid na co-phàirtean a sgaradh a-rèir an sgaoilteachd.[2]

Quick Facts Beatha, Breith ...

Rugadh e ann an Lunnainn is dh'fhulaing e le doille-fhaclan nuair a bha e glè òg. Dh'ionnsaich e bith-cheimigeachd aig Oilthigh Chambridge is rinn e a dhotaireachd an siud. Nuair a dh'obraich e airson Comann Rannsachadh Gnìomhachas na Clòimhe ann an Leeds, dh'innlich e cròmatografaidh pàirteachaidh. Dh'imrich e gu Boots ann an Nottingham, far an robh e na cheannard roinn bith-cheimigeachd, ann an 1946, is do Chomhairle Rannsachaidh Mheidigeach ann an 1948. Thill e gu gnìomhachas ann an 1959 nuair a chaidh e na stiùiriche Abbotsford Laboratories. Chaochail e ann an 2002.[3]

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads