Art Hodes
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e neach-ciùil, deasaiche agus neach-teagaisg Ucràineach/Aimearganach a chluicheadh a' phiàno ann an stoidhl jazz agus blues a bh' ann an Art Hodes (Ucràinis: Арт Гоудс, Mykolaiv 14 an t-Samhain 1904 - Harvey, Illinois, 4 am Màrt 1993).[1] Ged a rugadh e san Ucràin b' ann ann an Chicago sna Stàitean a thogadh el leis gun do dh' fhàg an teaghlach aige an dùthaich aca is esan fhathast na leanabh. Tha cuid a dhaoine dhen bheachd gur esan an cluicheadair piàno blues geal na b' fhèarr a bh' ann a-riamh.[2] Chluich Hodes còmhla ri Louis Armstrong, Wingy Manone, Gene Krupa, Muggsy Spanier, Joe Marsala, Mezz Mezzrow, Sidney Bechet, Albert Nicholas, Wild Bill Davison, Barney Bigard agus Vic Dickenson.
Remove ads
Obair
- The Jazz Record Story (Black & White Records / Jazzology, 1943–1946)
- Tribute to the Greats (Selmark, 1976–1978) solo
- Someone to Watch over Me - Live at Hanratty’s 1981 (Muse Records, 1981) solo
- Art Hodes Blue Five and Six (Jazzology, 1987)
- Pagin’ Mr. Kelly (Candid, 1988)
- Keepin’ Out of Mischief Now (Candid, 1988)
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads
