Art MacCormaig

From Wikipedia, the free encyclopedia

Art MacCormaig
Remove ads

Tha Art MacCormaig (1965-) (Beurla: Arthur Cormack) ’na sheinneadair Ghàidhlig agus ceòladair bho Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Quick Facts Beatha, Breith ...

Bha e ’na chathraiche air Bòrd na Gàidhlig bho 2009 (cathraiche eadraiginn bho 2008[1]) gu ruige am Màrt 2012. Tha e air a bhith ’na stiùiriche air Fèisean nan Gàidheal fad iomadh bliadhna. Chaidh urram OBE a bhuileachadh air ann an Urraman na Callainne 2015 airson a sheirbheisean dha foghlam Gàidhlig.[2]

Rugadh agus thogadh Art ann am Port Rìgh, agus air sgàth ’s gu robh a phiuthair màthar Connie agus a bhràthair màthar Ronnie a’ seinn aig Mòdan, thòisich esan ri seinn cuideachd, agus bhuannaich e am Bonn Òr aig a’ Mhòd Nàiseanta nuair a bha e 18. Às dèidh sin, tha e air a bhith a’ nochdadh ann an iomadh consairt agus air TBh ’s rèidio, agus a’ dèanamh mòran chlàir - uaireannan ag obair leis fhèin, uaireannan còmhla ri cuid dhe na seinneadairean agus dhen luchd-ciùil traidiseanta as ainmeile san t-saoghal.

Remove ads

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads