Bànrigh Ealasaid II

From Wikipedia, the free encyclopedia

Bànrigh Ealasaid II
Remove ads

'S i Ealasaid II (Ealasaid Alexandra Màiri; breith 21 an Giblean, 19268 an t-Sultain, 2022) Bànrigh an Rìoghachd Aonaichte agus iomadach dhùthcha eile mun cuairt an t-saoghal ris an canar na Riaghaltan Co-Fhlaitheas; mar eisimpleir Canada.

Quick Facts heir presumptive (en), Commander-in-Chief of the Canadian Forces (en) ...

Gu lèir, bha i na monarc tarsainn air Antigua agus Barbuda, Astràilia, Na h-Eileanan Bhathama, Belize, Canada, Grenada, Iaimeuca, Sealainn Nuadh, Papua Gini-Nuadh, Naomh Crìstean agus Nibheis , Naomh Lùisia, Naomh Bhionsant agus Eileanan Greanadach, Na h-Eileanan Sholaimh, Tuvalu is an Rìoghachd Aonaichte, am Breatainn Mòr agus Èirinn a Tuath.

Chaidh a h-athair, Seòras VI, a chrùnadh an deidh do a bhràthair, Eideard VIII, leigeil an cathair rìoghail seachad ann an 1936.

Riaghail Seòras VI gu 1952 agus, an deidh do bhàsachadh (an 6mh den Gearran), chaidh a chrùn gu an nighean is sine aige; Ealasaid. Chaidh a crùnadh mar banrigh air 2 an t-Ògmhios 1953. 'S e an duine aice, a phòs i ann an 1947, am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann agus 's ann 'on a' Ghrèig a tha e. Tha ceithir chlann aca le Teàrlach III as sine. Tha dà mhac eile aca, Anndra agus Èideard, agus aon nighean, Anna.

Chaochail i 8 an t-Sultain 2022 ann am Baile Mhorail.[1]

Remove ads

Leanabachd

Thumb
A Bhana-phrionnsa Ealasaid ann an 1929

'S i a' chiad leanabh a bh' aig Prionnsa Albert, Diùc York agus a bhean, Ealasaid. 'S e a h-athair an dàrna mac aig Rìgh Seòras V agus a' Bhanrigh Màiri. Rugadh i aig 2.40 sa mhadainn (GMT) air 21 dhan Ghiblean 1926 aig taigh a seanair: 17 Sràid Bruton, Mayfair, Lunnainn.

Bha aon phiuthar aice, Mairead, a bha ceithir bliadhna nas òige na i.

Pòsadh

Thachair Ealasaid ri Prionnsa Philip ann an 1934.

Phòs iad air 20 dhan t-Samhain 1947 ann an Westminster Abbey. Fhuair iad thairis air 2,500 prèasantan bho air feadh an t-saoghal.

Rugadh Teàrlach air 14 dhan t-Samhain 1948, agus a Bhana-phrionnsa Anna ann an 1950.

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads