Beatha

Tha briogh aig nadur. From Wikipedia, the free encyclopedia

Beatha
Remove ads

'S e saidheans mu rudan aig a bheil beatha a tha anns a' bhith-eòlas. Ach dè tha beatha fhèin?

Quick Facts Fo-sheòrsa de, Théid a chleachdadh ann an ...

Tha mòran deifiniseanan ann. A rèir Plato bha beatha lusach, aig a bheil a h-uile fàs-bheart, beatha bheathach, aig a bheil na beathaichean, agus beatha reusanach, aig a bheil daoine. Ach a rèir Aristotle 's urrainn do a h-uile rud beò a chruth a chumail an aghaidh atharraichean, agus a rèir Descartes b' e an rud as cudromaiche an diùrr no an deò, a bhios a' roinn daoine bho beathaichean nach biodh ach innealan. Sin vitalism agus chreid mòran luchd-saidheans ann gus an 20mh linn.[1]

Lorg Edward Trifonov 123 deifiniseanan na beatha anns a' bhith-eòlas. Tha gineadh agus atharrachadh anns a h-uile mìneachadh. Feumaidh beatha lùths cuideachd, agus nam biodh atharrachadh ann, bhiodh ioma-fhillteachd ann cuideachd. Bidh teine a' gintinn teine, ach chan eil beatha ann.[2]

Remove ads

Connspaid

A bheil bìorasan beò? Chan eil seo soilleir. A rèir aon teaghlach de dheifiniseanan tha iad beò, a rèir mìneachaidhean eile chan eil iad beò agus a rèir treas seòrsa chan eil iad beò ach nuair a bhios iad ag obair ann an ceallan beò. Mhol James Lovelock gur e siostam singilte a bha anns an Talamh is e ga riaghailteachadh fhèin agus mar sin beò.[1]

Beatha fhuadain

Tha eachdraidh fhada de mhodalan beatha ann an coimpiutairean, le riaghailtean sìmplidh mar Geama na Beatha le John Horton Conway no eag-shiostaman ioma-fhillte.[3]

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads