Benjamin Neeve Peach
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e creag-eòlaiche a bha ann am Benjamin Neeve Peach, ainm goirid Ben Peach. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach a rinn e air na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd.


Remove ads
A Bheatha
Rugadh e san 6mh den t-Sultain 1842 ann an Gorran Haven, a' Chòrn. Bha an t-athair aige, Charles William Peach, na chlach-eòlaiche agus eòlaiche-nàdair neo-dhreuchdail.
Fhuair Peach a chuid foghlam ann an Royal School of Mines ann an Lunnainn. Ann an 1862 thòisich e ag obair airson an t-Suirbhidh Gheòlasaich agus air sgàth na dreuchd seo ghluais e a dh'Alba ann an 1867. Tha e ainmeil air sgàth na h-obrach a rinn e air an iar-thuath na Gàidhealtachd agus ann am Monadh a Deas còmhla ris a' charaid agus co-obraiche John Horne. Bha Horne an sàs ann am mapadh mionaideach ach b' ann aig Peach a bha an sgil smaoineachaidh airson dealbh a chruthachadh às na fillidhean de na clachan eadar-dhealaichte a bha rim faicinn air mullach an talmhainn agus air na mapaichean[1]. 'S e neach-ealain a bha ann am Peach cuideachd, agus chleachd e sin gus mìneachadh gluasad nan structaran a chur ri pàipear [2]. Bha an obair aca, gu h-àraidh an leithid a rinn iad ann an Creag a' Chnocain, a' rèiteachadh an deasbaid fhada mu na cumaidhean geòlasach air a' Ghàidhealtachd.
Chaidh a thaghadh mar bhall den Chomann Rìoghail Dhùn Èideann ann an 1892 agus fhuair e 1899 am Murchison Medal bhuapa ann an 1899. Ann an 1921 fhuair e an Wollaston Medal, an duais a b' àirde den Geological Society of London.
Chaochail e san 29mh den Fhaoilteach 1926 ann an Dùn Èideann. Gus urram a thoirt don obair aige chaidh clach-chuimhneachain a thogail ann an Innis nan Damh air a bheil na faclan "To Ben N Peach and John Horne who played the foremost part in unravelling the geological structure of the North West Highlands 1883-1897. An international tribute. Erected 1980."
Remove ads
Foillseachaidhean
- Còmhla ri Horne J., Gunn, W., Clough, C.T., and Hinxman, L.W., The Geological Structure of the Northwest Highlands of Scotland. Memoirs of the Geological Survey of Great Britain 1907
- The Silurian Rocks of Britain, Glasgow, H. M. Stationery Office, 1899
- The Higher Crustacea of the Carboniferous Rocks of Scotland, Memoirs of the Geological Society
- còmhla ri Horne, Chapters on the geology of Scotland, Oxford University Press 1930
- The geology of the neighborhood of Edinburgh, Dùn Èideann, H. M. Stationery Office 1910
- Description of Arthur´s Seat Vulcano, Dùn Èideann, H. M. Stationery Office, 1921
- Sutherland, Geological Survey of Scotland
- Stirlingshire, Geological Survey of Scotland
Remove ads
Iomraidhean
Tùsan
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads

