Boris Levitan
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e matamataigear agus neach-teagaisg oilthigh Ucràineach/Sobhiatach a bh' ann am Boris Moyseevytch Levitan (Ucràinis/Ruisis: Борис Моисеевич Левитан, Berdiansk, 7 an t-Ògmhios 1914 - Minneapolis, 4 an Giblean 2004).[1] Bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach Iùdhach. Ged a rugadh e ann am Berdiansk, b' ann ann an Kharkiv a thogadh e. Thug Levitan ceum ann an 1936 agus fhuair e dotaireachd ann an 1938 leis an tràchdas Некоторое обобщение почти периодической функции (Gàidhlig: Cuid de Choitcheannachadh Gnìomh Cha Mhòr bho Àm gu Àm). An uair sin, dhìon e a shàr thràchdas air an robh Теория обобщенных операторов перевода (Gàidhlig: Teòiridh Obrachaidh Eadar-theangachaidh Coitcheann). Ghabh e anns an arm ann an 1941 agus bha e na shaighdear gu ruige 1944. An dèidh a' Chogaidh chaidh fhastadh mar neach-teagaisg leis an Sgoil Armach Dzerzhinsky, far an robh e gu ruige 1961. An uair sin, bha e na neach-teagaisg aig Oilthigh Mhosgo, gu ruige 1992. Mu dheireadh thall, chuir e seachad corra bhliadhna sna Stàitean aig Oilthigh Minnesota.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads