Burundaidh
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann am Burundaidh[1]; ainmean eile: Buruindi [2] neo Burundi[3][4], ainm oifigeil: "Poblachd Bhurundaidh". Tha crìochan aice le Ruanda san taobh tuath, le Tansainìa san earra-dheas agus le Poblachd Dheamocrach na Congo san iar. Tha an Loch Tanganyika anns an iar na dùthcha. 'S e Bujumbura am prìomh-bhaile aice. Thàinig an t-ainm Burundaidh bhon chànan Bantu: Kirundi. Tha an dùthaich gu math iomallach agus chan eil mòran stòrais nàdarra aice. Mar sin dheth ‘s e aon de na dùthchannan as bochda air feadh an t-saoghail a-rèir Làn-thoradh dùthchail (GDP) gach pearsa.
Remove ads
Taghaidhean 2020 is COVID-19
Bhuannaich Évariste Ndayishimiye na taghaidhean anns a' Chèitean 2020. Chaochail an ceann-suidhe Pierre Nkurunziza 8 an t-Ògmhios 2020 an dèidh greim-cridhe. Cha do chuir e lockdown air Burundaidh is dh'fhuad a riaghaltas às an dùthaich fìor-eòlaichean o Bhuidheann Slàinte na Cruinne. Bha fathannan ann gun do dh'fhulaing e le COVID-19 is a bhean air a dhol gu Kenya airson leigheasaidh.[5]

Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads