Carlos E. Restrepo Restrepo

From Wikipedia, the free encyclopedia

Carlos E. Restrepo Restrepo
Remove ads

B'e Carlos Eugenio Restrepo (Carlos E. Restrepo) fear-lagha neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia. Rugadh e ann am Medellín, air 12mh an t-Sultain 1867 agus chaochail e an-siud fhèin air 6mh an t-Iuchar 1937. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar 1910 agus 1914.[1][2]

Quick facts Beatha, Breith ...

´S e mac Pedro Antonio Restrepo agus Cruzana Restrepo Jaramillo a bh'ann. Thoisich e air an lagh a dh'ionnsachadh aig Àrd Institiùd an Ionnsachaidh (Spàinntis: Instituto de Enseñanza Superior) ach leig e an oilthigh nuair a thoisich an cogadh sìobhalta dhe 1885. A bharrachd air sin, bha e an sàs anns a' Chogadh na Mìle Làithean, mar cheann-fheadhna air na feachdan aig an Tòraidh Pedro Nel Ospina Vásquez. An uair sin dh'ionnsaich e lagh na aonar is mu dheireadh thall dh'obair e mar fhear-lagha ann an oifis laghail an athar aige.

Bha sàr chùrsa beatha spaideil aige, is ruig e a bhith na cheann-suidhe na dùthcha. Phòs e Isabel Gaviria air 16mh dhen Ghiblean 1890. Fhuair iad naoinear daoine-chloinne ri chèile, Margarita, bean an fheallsanaiche Fernando González nam measg. Le teirm a' chinneas aige seachad, thill e gu Medellín far an robh e an sàs anns an gnìomhachas prìobhaideach. Chaidh e air ais gu saoghal a' phoileataigs is e an sàs anns an Riaghaltas aig Enrique Olaya Herrera mar mhinistear an Riaghaltais is mar thosgair ann an Cathair na Bhatacain. Bhàsaich e san taigh aige ann am Medellín leis an fhiabhras-clèibhe, air 6mh an t-Iuchar 1937.

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads