Carme Ballester i Llasat
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B’ e Carme Ballester i Llasat (Barcelona, 27 an Giblean 1900—Paris, 1972) an dàrna bean aig Lluís Companys i Jover, ceann-suidhe Chatalòinia.[1] Bha i an sàs anns a’ phàirtidh Estat Català (Gàidhlig: Stàit Chatalanach) fad na 30an agus phòs i ri Lluís Companys ann an 1936, an dèidh a sgaradh-pòsaidh bho Joan Duran. Bha i a’ fuireach ann am Paris[2] ri linn Cogadh Sìobhalta na Spàinne gus a bhith còmhla ri a leas-mhac, Lluís Companys i Micó, a bha tinn san ospadail.[3] Nuair a chuireadh an duine aige gu bàs thall san Spàinn, thòisich i ri cuideachadh a thoirt gu Saighdearan-saorsa na Frainge agus chuireadh i Iùdhaich air falach bho na Nàsaich fad an Dàrna Cogadh. Chaochail i ann an 1972. Fhuair i peinsean mar ìobairteach nan Nàsach bho Riaghaltas na Frainge.[4]
Remove ads
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads