Ceilt-Ìbeiris

From Wikipedia, the free encyclopedia

Ceilt-Ìbeiris
Remove ads

'S e Ceilt-Ìbeiris cànan Innd-Eòrpach marbh. Bha e air a bhruidhinn ann am meadhan Iberia, far a bheil An Spàinn an-diugh.

Quick Facts Far a bheil i 'ga bruidhinn, Teaghlach-chànan ...
Remove ads

Eachdraidh

Tha sgrìobhaidhean anns a' Cheilt-Ìbeiris air am faighinn ann am meadhan a' chinn-tìre Iberianaich eadar na h-aibhnichean Duero, Tajo, Júcar, Turia, Martín, agus Ebro. Bha na Ròmanaich a' cur Celtiberia air a' cheàrn seo.

Fuaimneachadh

Tha am fuaimneachadh aig Ceilt-Ìbeiris diofraichte bhon na cànanan Ceilteach mòr-thìreach eile: 's e cànan Q-Ceilteach a bh' innte, ach 's e cànanan P-Cheiltich a bh' anns a' Ghallais, anns an Leapontais, agus anns na cànanan Ceilteach mòr-thìreach eile.

Atharrachaidhean bhon Phroto-Innd-Eòrpach

  • PIE *ō > Proto-Cheiltis *ā ann an lidean mì-dheireannach
  • PIE *ō > Proto-Cheiltis *ū ann an lidean deireannach
  • PIE *ē > Proto-Cheiltis *ī
  • PIE *s > Ceilt-Ìbeiris *z eadar fuaimreagan
  • PIE *p > Ceilt-Ìbeiris *Ø aig tòiseach faclan no eadar fuaimreagan
  • PIE *kw > Ceilt-Ìbeiris ku
  • PIE *d > Ceilt-Ìbeiris z aig deireadh faclan, eadar fuaimreagan, no an dèidh sònaraich agus os cionn fuaimreag
  • PIE *t > Ceilt-Ìbeiris z aig deireadh faclan
  • PIE *dh > Ceilt-Ìbeiris z eadar fuaimreagan
Remove ads

Tùsan

  • Jordán Cólera, Carlos. Celtiberian. e-Keltoi: Journal of Interdisciplinary Celtic Studies 6 (2004): 749-850. Eadar-lìon.
Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads