Chitagá
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e baile beag ann an Norte de Santander, Coloimbia,[1] a th'ann Chitagá. Tha e suidhichte shuas ann an iar-dheas na roinne. Tha àirde meadhanach dhe 2,300m os cionn ìre na mara aige. 'S e baile le gnàth-shìde caran fuar a th' ann le teodhachd mu 13˚ thar cheann, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1804.
| Chitagá | |
| Mapa a' bhaile | |
| Sealladh air a' bhaile | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Roinn | |
| Àirde | 2300m | 
| Co-chomharran | 07º 08' 26' Tuath 72 º 40' 03' Iar  | 
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 1,200 km² | 
| Àireamh-shluaigh | 10,179 (2005) | 
| Dlùths | 8.48/km² | 
| Duilleag oifigeil | Comhairle a’ Bhaile | 
Remove ads
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 10,179 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 3,036 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[2] Tha fearrann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[3] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Taobh chinnidh, ' s e Daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Chitagá ach tha 3.6% ann. ' S urrainn dhan 85.2% dhe na daoine ann an Chitagá leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 19.8% dhe na dachannan.[4]
Remove ads
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Chitagá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[5] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
 
Daoine Ainmeil
Ramón González Valencia (1851 – 1928): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1909 agus 1910.
Iomraidhean
Ceanglaichean A-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads
