Clough Williams-Ellis
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e ailtire a bha ann an Sir Bertram Clough Williams-Ellis, (28 an Cèitean 1883–9 an Giblean 1978).
Rugadh Clough Williams-Ellis ann an Gayton, Northamptonshire, Sasainn, ach bha ceanglaichean làidir aig an teaghlach aige ris a' Chuimrigh. Mar sin gluais iad air ais don Chuimrigh a Tuath nuair a bha e ceithir bliadhna a dh'aois. Chaidh a theagasg aig Oundle School, Colaiste na Trianaide, Oilthigh Chambridge is gu cliobhar ann an Lunnainn. Fhuair e mar dhìleab oighreachd ann am Meirionydd ann an 1908.
Dh'fhàs e ainmeil air sgàth a' bhaile Portmeirion a thòisich e ann an 1925 is a tha suidhichte ann an Gwynedd ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Chruthaich e am baile ann an stoidhle Eadailteach agus nochd Portmeirion mar "The Village" anns na 1960an air a' phrògram Tbh "The Prisoner". An-diugh 's e aon de na h-àitichean as cudromaiche a th' ann airson roinn turasachd na Cuimrigh. Bha e am measg nan stèidheadair Council for the Protection of Rural England ann an 1926 is Council for the Protection of Rural Wales ann an 1928 is dh'iomairt e airson nam Pàirc Nàiseanta ann an Sasainn is Cuimrigh.[1]

Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads