Constantin Guys
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e Constantin Guys (Fìor ainm: Ernest Adolphe Hyacinthe Constantin, Vlissingen, 3 an Dùbhlachd 1802 - Paris, 3 am Màrt 1892)[1] saighdear, dealbhadair, peantair agus neach-aithris ainmeil Franco-Òlaindeach.[2]
Remove ads
Beatha tràth
Rugadh Guys ri linn na Poblachd Bhatavia ann am port air a' Chuain a Tuath, leis gur e coimiseanair a' chabhalaich a bh' ann athair. Nuair a bha e dìreach 18 a dh'aois, dh'fhàg e an taigh is chaidh e chun na Grèige na shaighdear[3] is e a' sabaid airson neo-eisimeileachd na dùthcha, còmhla ri Byron.[4] Thill e ann an 1827 ach chaidh e dhan arm a-rithist, an turas seo còmhla ri rèisimeid dhe saighdearan-eich Frangach. Shiubhal e mu thimcheall na Roinn-Eòrpa is Aisia.
Remove ads
Ealain is Aithrisean
Ann an 1849, nuair a bha e ro aosta airson a bhith na shaighdear, thòisich e a bhith na dhealbhadair, gun treànadh sam bith. Chuir e seachad na bliadhnachan 40 is 50 na 19mh Linn a' dol bho chath gu cath is bho chogadh gu cogadh air feadh na Roinn-Eòrpa is e na dhealbhadair is na fhear-aithris airson na pàipearan-naidheachdan thall san Fhraing is ann an Sasainn, gu seachd-àraidh an Illustrated London News. Fhuair e deagh chliù airson a cuid obrach a rinn e rè Cogadh Chrimea. A bharrachd air sin, dheànadh e aithrisean mu dheidhinn fèis cuideachd, nuair nach robh e thall thairis.
Bho na 60an dhen 19mh Linn, thòisich e ag obair is a' fuireach ann am Paris. Dheànadh e dealbhan dhe na fhaiceadh e air na sràidean.[5] Sgrìobh Charles Baudelaire airtigil mu dheidhinn Ghuy ann an 1860,[6] air an robh Le Peinture de la vie moderne (Gàidhlig: Peantadh na Beatha nar Làithean), ach cha robh Guy airson ainm a nochdadh ann idir.[7] Chaill e a chasan ann an tubaist rathaid ann an 1885 agus chaochail e ann an 1892.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads