Contae an Dúin
Sgìre comhairle ann an Èirinn From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae an Dúin[1] (tuiseal ainmneach: An Dún).[2] Tha e suidhichte ann an àirde an ear-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 416,600 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,448km²,[3] an 12mh siorramachd as motha ann an Èirinn a thaobh fharsaingeachd agus an tritheamh a thaobh àireamh-shluaigh. Tha crìochan aig Contae an Dúin le Aontroim agus Ard Mhacha.[4] Bha 327,611 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[5] 'S e Sliabh Dónaird (850m) a th' ann sa bheinn as àirde ann an Èirinn a Tuath agus tha i suidhichte ann an taobh a deas dhen t-siorramachd.[6] Chaidh Comhairle Chontae an Dhúin a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[7]
Contae an Dhúin | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Còigeamh | ![]() |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 2,448 km² |
Àireamh-shluaigh | 416,600 () |
Dlùths | 170.18/km² |
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
Remove ads
Sgìrean Ionadail
Tha ceithir baranachdan deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn an Dhúin: An Aird Íochtarach, An Aird Uachtarach, An Caisleán Riabhach Íochtarach, An Caisleán Riabhach Uachtarach, An Duifrian, Uíbh Eachach Íochtarach (An Leath Íochtair), Uíbh Eachach Íochtarach (An Leath Uachtair), Uíbh Eachach Uachtarach (An Leath Íochtair), Uíbh Eachach Uachtarach (An Leath Uachtair), Cineál Fhártaigh, Leath Cathail Íochtarach, Leath Cathail Uachtarach, An tIúr agus Múrna. A bharrachd air sin, tha 70 parraistean[8] (ann an dà sgìreachd-easpaig: An Dúin agus Drom Mhór)[9] agus 1,666 bailtean fearainn sa chontae.[10]
Remove ads
Bailtean
- Beannchar (Èirinn)
- Beul Feirste (an leth an Ear dhe)
Daoine Ainmeil
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads