Contae Aontroma

From Wikipedia, the free encyclopedia

Contae Aontroma
Remove ads

'S e siorramachd (Gaeilge: Contae) ann am Èirinn a Tuath a tha ann an Contae Aontroma[1] (tuiseal ainmneach: Aontroim,[2] Goidelc: Oentreb).[3] Tha e suidhichte ann an àirde an ear-thuath na dùthcha, ann an Còigeamh Uladh. Tha 566,400 duine a' fuireach san t-siorramachd fad 2,844km²,[4] an naoidheamh siorramachd as motha ann an Èirinn a thaobh fharsaingeachd agus an fear as motha a thaobh àireamh-sluaigh ann an Èirinn a Tuath. Tha crìochan aig Contae Aontroma le Doire agus An Dún.[5] Bha 276,188 nan tàmh sa chontae ann an 1841, ron a' Ghorta Mhòir.[6] 'S e Trostán (550m) a th'ann a' beinn as àirde na siorramachd.[7] Chaidh Comhairle Chontae Aontroma a bhristeadh suas ann an 1973 is ùghdarrasan ionadail na bu lugha a chur na àite.[8]

Contae Aontroma
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Rìoghachd Aonaichte
Còigeamh Còigeamh Uladh
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 2,844 km²
Àireamh-shluaigh 566,400 ()
Dlùths 199.16/km²
Remove ads

Sgìrean Ionadail

Tha còig baranachdan deug (Gaeilge: barúntacht) am broinn Aontroim: Aontroim Íochtarach, Aontroim Uachtarach, Béal Feirste Íochtarach, Béal Feirste Uachtarach, Carraig Fhearghais, Cathraí, Dún Libhse Íochtarach, Dún Libhse Uachtarach, Gleann Arma Íochtarach, Gleann Arma Uachtarach, Coill Chonmhaí, Mása Ríona Íochtarach, Mása Ríona Uachtarach, Tuaim Íochtarach agus Tuaim Uachtarach. A bharrachd air sin, tha 79 parraistean[9] (ann an trì sgìreachdan-easpaig: Doire, Drom Mór agus An Dúin)[10] agus 1,664 bailtean fearainn sa chontae.[11]

Remove ads

Bailtean

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads