Cotonou
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e Cotonou am baile as motha a tha ann am Beinin. Anns a bhliadhna 2006 bha 761,137 duine a’ fuireach anns a' bhaile fhèin. Tha Cotonou suidhichte anns an ear-dheas na dùthcha eadar an Cuan Siar agus an Loch Nokoué. 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 22' Tuath agus 2° 26' Ear. [1] Tha Cotonou 25km air falbh bho Phorto Novo, 136km bho Lomé (Togo), 639km bho Abuja (Nìgeiria, 798km bho Niamey (Niger) agus 798km bho Ouagadougou (Burkina Faso).[2] Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 53m os cionn ìre na mara.[3]
Cotonou | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | Littoral |
Co-chomharran | 06° 21 36' Tuath 02° 26 24' Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 761,137 (2006) |
Àireamh fòn | + |
Ged as e Porto-Novo am prìomh-bhaile na dùthcha, tha mòran togalaichean pàrlamaideach agus seirbheisean dioplòmasach ann. Mar sin canar gur e Cotonou de facto am prìomh-bhaile a tha ann am Beinin. 'S e an Autonomous Port of Cotonou am port mara as cudthromaiche den dùthaich. Tha am port-adhair nàiseanta Cadjehoun Airport agus rathad-iarainn (gu Parakou) ann an Cotonou cuideachd.
Remove ads
Àitichean inntinneach
- Cotonou Friendship Stadium
- Cotonou Cathedral, Àrd-eaglais Chotonou
- Cotonou Central Mosque, Mosg
- Dantokpa Market, blàr-fèille cho mòr ri 20 heactair
- Oilthigh Nàiseanta Bhenin
Bailtean Co-cheangailte
Gnàth-shìde
Tha gnàth-shìde thioram- fliuch teth tropaigeach ann an Cotonou le dà ràith fliuch (An Giblean – An t-Iuchar, An t-Sultain – An Dàmhair) is dà ràith tioram. Tha a’ ghaoth leis an canar Harmattan ann bhon An Dùbhlachd gu ruige Am Faoilleach. Mar as àbhaist bidh an teodhachd bhliadhnail bho 25 °C gu 30 °C, gun atharrachaidhean mòra ann, fad a’ bhliadhna. Bidh 800mm gu 1,200m dhe uisge a’ tuiteam air a’ bhaile gach bliadhna.
Dealbhan
- Cotonou
- Port-mara Chotonou
- Suidheachadh Chotonou ann am Beinin
Ceanglaichean A-mach
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads