Cuimris

From Wikipedia, the free encyclopedia

Cuimris
Remove ads

'S e Cuimris cànan nan Cuimrich. Cymraeg 'sa chànan fhèin. Bhruidhinnear i anns a' Chuimrigh agus ann an Chubut anns An Argantain. 'S e cànan Breatannach, Ceilteach a th' ann agus gu h-eachdraidheil bha i air a bruidhinn air feadh eilean Breatainn Mhòr, chan ann a-mhàin sa Chuimrigh. Tha mu 500,000 neach a bhruidhneas an cànan air fhàgail - timcheall air 20% den t-sluagh Cuimreach gu lèir.

Quick Facts Cuimris Cymraeg, Fuaimneachadh ...
Thumb
Rathad Cuimreach

Canar gur e Llyfr Du Caerfyrddin (Beurla: The Black Book of Carmarthen) an làmh-sgrìobhainn as sine a chaidh a sgrìobhadh gu tur ann an Cuimris.[8] Tha an leabhar seo agus cuid de na seann tùsan Chuimreach eile rim faicinn ann an Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh an-diugh.

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads