Cuthag

From Wikipedia, the free encyclopedia

Cuthag
Remove ads

'S e eun a tha anns a' Chuthag neo Cuthag eòrpach (Laideann: Cuculus canorus, Beurla: Common Cuckoo). Tha iad a’ tighinn a dh' fhuireach anns an Roinn-Eòrpa agus Àisia san earrach, ach mun tig fuachd a' gheamhraidh falbhaidh iad air imrich a dh'Afraga.

More information Ainm saidheansail, Briathran Gàidhlig eile ...
Remove ads

Giùlan

Tha a' chuthag na comharra air teachd an earraich oir cluinnear i gach madainn chèitean a' seinn a ceilear sunndach air bhàrr nan geug. Canar "goirsinn" ris a' cheilearadh seo. Tha i a' leum bho chraobh gu craoibh, agus chan eil i a' draghadh ri nead a sholarachadh dhith fhèin.

Modh-sìolaich

Cha mhotha a bheir a' chuthag a-mach a h-àl, agus chan àraich i iad nuair a bheirear a-mach iad le eòin eile. An toiseach an t-samhraidh seallaidh i mun cuairt dhith airson nid a' ghealbhuinn, no an uiseig agus an uair a gheibh i an nead falamh, beiridh i ugh innte, agus fàgaidh i an sin e gun tuilleadh cùram a ghabhail dheth. Tha an t-eun dom buin an nead a' gur air, agus nuair a thig an t-àl a-mach, tha a' chuthag òg a' fàs suas, agus a' cur às do na h-eòin bhig eile, agus air an dòigh sin a' faotainn na nid, agus cùram nam pàrantan dhith fhèin gu h-iomlan.[1]

Remove ads

Ann an dualchas na Gàidhlig

Tha a' chuthag a' nochdadh ann am iomadh abairt is gnàth-fhacal.

  • Cho cloimheach ris a' chuthaig.
  • Tha dìthean ann air am bheil "bròg na cuthaig" no "fròg na cuthaig"; agus fear eile, "flùr na cuthaig".
  • Canar "glasanach na cuthaige" ri beul an latha agus "cuthag-chluaise" a theirear ri cuideigin, gu h-àraid clann, a dh' innseas air daoine eile. Mar sin, tha ràdh ann a tha cur sìos air sin; "Ge binn leinn a' chuthag cha bhinn leinn cuthag-chluaise."
  • Theirear "gocan na cuthaige" ris an eun a leanas oirre.
  • cho sona ri cuthag ann an nead a coimhearsnaich
  • "Sneachda na Caisge, sneachda nan uan agus sneachda na cuthaige". Ma thig na tri sneachdan sin, bidh an samhradh math.
  • Canar "glasadh na cuthaige" ris an t-sneachd bheag a chuirear tràth ron t-samhraidh.
  • Theirear "cur air ruith na cuthaige" airson a bhith a' cur neach air ghocaireachd, no air gnothaich gun fheum.
  • San linn a chaidh seachad, nan do dh' innseadh cuideigin do chàch gun do chuala e a' chuthag "gun bhiadh na bhroinn", bha e ag ràdh nach robh e air ithe mun do chuala e goirsinn na cuthaige airson a' chiad uair dhen bhliadhna; agus bhathar a' meas gur e bliadhna mhì-shealbhach a leanadh sin..[2]

Dualchasan eile

A-rèir lagh nan Indhach ann an Canada, bha a' chuthag air a meas neo-ghlan, agus air an adhbhar sin bha e neo-laghail dhaibh a h-itheadh.[3]

Iomraidhean

Dealbhan

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads