Càrdamon
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Canar Càrdamon ri cuid de na lusan de na gèineasan Elettaria agus Amomum. Tha iad anns an teaghlach Zingiberaceae, far a bheil dinnsear is curcuma ann cuideachd.
Cardamom | |
![]() | |
Càrdamom (Elettaria cardamomum) | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Plantae |
Fìleam | Angiosperms |
Clas | Monocots |
Òrdugh | Zingiberales |
Teaghlach | Zingiberaceae |
Gèineas | Amomum Elettaria |
Cleachdar càrdamon mar spìosradh ann am biadh is deoch, gu h-àraidh ann am biadh Àisianach is Arabach. Tha e na phàirt den "Masala", spìosradh cudromach do bhiadh Innseanach. Anns an Roinn Eòrpa bidh na bèicearan ga chur ri Lebkuchen agus Spekulatius.
Thàinig an t-ainm cardamom bhon fhacal Laideann "cardamomum",[1] a thàinig bho Ghreugais "καρδάμωμον" (kardamomon).[2]
Remove ads
Gèineasan
Tha dà ghèineas cudromach ann:
- Elettaria ris an canar càrdamom no càrdamom uaine cuideachd. Tha àiteachas den t-seòrsa seo sgaoilte eadar na h-Innseachan is Sri Lanca agus Tài-lann is Malaidhsia.
- Amomum ris an canar càrdamom dubh (沙仁) no càrdamom donn cuideachd. Tha e a' fàs ann an Àisia agus Astràilia.
Chithear diofar eadar an dà sheòrsa anns na maingeagan, tha an fheadhainn den ghèineas Elettaria uaine, ach maingeagan Amomum nas motha agus donn.
Thèid Amomum a chleachdadh ann an leigheas tradaiseanta Sìonach.

Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads