Dàibhidh Camshron

neach-poileataigs Breatannach (Lu breith 1966) From Wikipedia, the free encyclopedia

Dàibhidh Camshron
Remove ads

'S e neach-poileataigs a tha ann an Dàibhidh Camshron (Beurla: David William Donald Cameron).

Quick Facts Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte, ball 53mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ...

Rugadh e 9 an Dàmhair, 1966 ann an Lunnainn, Sasainn. Bha e na Phrìomhaire na Rìoghachd Aonaichte. Bha e a' riochdachadh Witney ann am pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, agus bha e na cheannard Pàrtaidh nan Tòraidhean eadar 2008 agus 2016. Choisinn e dreuchd a' Phrìomh-mhinisteir às dèidh taghadh coitcheann 6 Chèitein 2010. Cha do choisinn am Pàrtaidh Tòraidheach mòr-chuid de na cathairean anns an taghadh sin agus tha e na cheannard air Riaghaltas stèidhichte air co-bhanntachd eadar am Pàrtaidh aigesan agus am Pàrtaidh Libearalach Deamocratach a tha fo cheannas Nicholas Clegg. Chruthaich e riaghaltas ùr gun na Lib Deamaich nuair a bhuannaich na Tòraidhean mòr-chuid san taghadh coitcheann 2015.

An dèidh dha an Reifreann mu bhallrachd Bhreatainn san Aonadh Eòrpach 2016 a caill, dh'ainmich e gun toir e a dhreuchd mar phrìomhaire suas nuair a thagaidh a cho-arba.[1] Dh'ainmich e san Sultain 2016 gun toir e a dhreuchd mar Bhall Phàrlamaid suas.[2]

Thill e do chaibineat riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann an 2023 mar Rùnaire nan Dùthchannan Cèin fo Rishi Sunak an dèidh do Shunak Suella Braverman, Rùnaire na Dùthcha, a chur à dreuchd.[3]

Remove ads

Connspaid

Fhuair Camshron prothaid à maoin far-cladach Blairmore a chruthaich athair.[4]

Ceanglaichean a-mach

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads