Rishi Sunak

From Wikipedia, the free encyclopedia

Rishi Sunak
Remove ads

'S e neach-poileataigs à Sasainn a tha ann an Rishi Sunak BP.

Quick facts Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, ball 57mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte ...

Rugadh e ann an Southampton ann an 1980. Bha e na sgoilear aig Colaiste Winchester agus dh'ionnsaich e poileataigs, feallsanachd agus eaconomachd aig Oilthigh Oxford agus an dèidh sin MBA aig Oilthigh Stanford far an do thachair e ri Akshata Murthy, nighean NR Narayana Murthy a stèidhich an companaidh mòr Infosys anns na h-Innseachan.[1]

Chaidh a thagadh mar BhP airson Richmond ann an Siorrachd Eabhraig air a' chiad turas anns an taghadh coitcheann 2015. An dèidh sin dh'fhrithealaich e mar fho-rùnaire pàrlamaid airson taigheadais, choimhearsnachdan agus riaghaltas ionadail eadar 2018 agus 2019, mar Phrìomh-rùnaire an Ionmhais gu 2020 agus mar Sheansalair an Ionmhais eadar an Gearran 2020 agus an t-Iuchar 2022 nuair a leig e a dhreuchd suas air sgàth 's nach do thoirt e taic do Bhoris Johnson.[2] Lean e Liz Truss mar phrìomhaire gun taghadh san Dàmhair 2022.[3]

Ghairm e taghadh coitcheann a thachair 4 an t-Iuchar 2024.[4] Ged a bhuannaich e an seat aige a-rithist, chaill e an taghadh seo agus lean Sir Keir Starmer mar phrìomhaire e.[5]

Remove ads

Connspaid

Chruthaich Sunak an sgeama Eat Out to Help Out airson taic a thoirt do thaighean-bidhe agus do thaighean-seinnse ri linn a' phandemic. Ged a lughdaich an sgeama sin reat na h-atmorachd a-rèir an ONS,[6] mheudaich an sgeama àireamh nan cùisean COVID le eadar 8% agus 17% a-rèir eaconamaichean aig Oilthigh Warwick.[7]

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads