Darío Echandía Olaya

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

B’ e Fear-lagha, britheamh, neach-poileataigs, feallsanaiche agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Darío Echandía Olaya (Chaparral, 13 an Dàmhair 1897Ibagué, 9 an Cèitean 1989).[1] Thug e ceum à Oilthigh an Rosario agus fhuair e dotaireachd ann an lagh ann an 1917. Phòs e aig Emilia Arcienegas Castilla[2] ann an 1936.

Quick Facts ball Seòmar Riochdairean Choloimbia, ambassador of Colombia to the United Kingdom (en) ...

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann Echandía agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha: bha e air an làimh chlì a' Phàrtraidh. Chaidh e dhan phàrlamaid ann an 1928, nuair a bha e dìreach 31. Chuidich e Enrique Olaya Herrera ann an iomairtean poileataigeach mar phàirt a’ ghluasaid La Revolución en Marcha[3] (Gàidhlig: an t-ar-a-mach air an t-slighe) agus e gu math dluth air Alfonso López Pumarejo. Bha e na cheann-suidhe eadar-amail ceithir tursan: fad mìos eadar 1943 agus 1944[4] nuair a bha bean Phumarejo tinn, greiseag eile ann an 1944 nuair a bhathar airson Pumarejo a thoirt fo bhruid agus greiseagan eile ann an 1960, an àite Alberto Lleras Camargo agus ann an 1967, an àite Carlos Lleras Restrepo. Bha Echandía cuideachd na Mhinistear nan Dùthchannan Cèin (1942 – 1943),[5] na Riaghaldair ann an Tolima (19581959), na Ministear a’ Cheartais (19671968) agus na Rùnaire an Riaghaltais (19351935).

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads