Alberto Lleras Camargo
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e neach-aithris, neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia a bh’ ann an Alberto Lleras Camargo (Bogotá, 3 an t-Iuchar 1906 – ibidem, 4 am Faoilleach 1990).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha dà thuras ann am meadhan na 20mh Linn. Phòs e aig Bertha Puga Martínez às An t-Sile ann an 1931 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] B’ e boireannach uabhasach cumhachdail a bh’ innte, o chionns gu robh a h-athair na dheachdaire thall san dùthaich aige. Bha Lleras Camargo anns na oghaichean le Carlos Lleras Restrepo, a bha na cheann-suidhe cuideachd, eadar 1966 agus 1970.
‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann an Lleras Camargo agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar bhall-pàrlamaid ann an 1931 agus an ceann seachd bliadhna stèidhich e pàipear-naidheachd air an robh El Liberal,[3] air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air Alfonso López Pumarejo. B' e prìomh-amas a' phàipeir Pumarejo a thaghadh. Bha e na cheann-suidhe dà thuras, bho 1945 gu ruige 1946 (gu h-eadar-amail)[4] nuair a leig López Pumarejo a dhreuchd agus an uair sin bho 1958 gu ruige 1962. Thug e piseach air an eaconomaidh agus dh'aontaich e an dùthaich - agus an dà phàrtaigh - an dèidh bliadhnaichean na deachdaireachd. Bhris e dàimhean dioplòmasach ri Cuba.[5]
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads