Eva Amaral
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e seinneadair, ceòladair agus snìomhadair ciùil às an Spàinn a th' ann an Eva María Amaral Lallana neo dìreach Eva Amaral (Zaragoza 4 an Lùnasdal 1972).[1] Tha i a’ gabhail òran san Spàinntis is i ag obair ann an stoidhle rock neo indie.[2] Bho 1992 tha i air a bhith an sàs anns a’ chòmhlan chiùil Amaral, còmhla ri Juan Aguirre. ’S ann à Cáceres ann an Extremadura a bh’ ann a h-athair, a chaochail ann an 1998.[3] Bhàsaich a màthair, Carmen Lallana, ann an Zaragoza fhèin ann an 2007. Cha do chòrdadh idir leotha gum biodh an nighean an sàs ann an saoghal a’ chiùil, ach mu dheireadh thall chunnaic iad nach biodh sin idir cho dona.[4] Tha piuthar mhòr aice cuideachd. Mar a thuirt Eva: “’S e ise a sheall na clàran a rinn The Beatles agus Simon and Garfunkel dhomh”.[5]
Remove ads
Clàran
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads