Fionnuala Nic Dhomhnaill
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B’ e Fionnuala Nic Dhòmhnaill (1570 – 1608, far-ainm: Iníon Dubh sa Ghaelige neo Inghean Dubh sa Ghàidhlig) bean iar-fhlaithiche Ghàidhealach à Alba agus Bànrighinn Thír Chonail ann an Èirinn. ’S e nighean Sheumais mac Dòmhnaill agus Ùna Chaimbeulach a bh’ innte, agus i an dàrna bhean aig Aodh mac Magnusa Ó Domhnaill, Rìgh Thìr Chonaill agus màthair a’ chinn-fheadhna Aodh Rua Ó Dónaill, a’ chiad Iarla Thír Chonaill.
Remove ads
Beatha
Thogadh an Inghean Dubh aig lùchairt nan Stiùbhartach ann an Alba, agus bha an dlùth dàimh aige riutha uabhasach feumail gu Aodh mac Magnusa Ó Domhnaill gus saighdearan-duais fhastadh ann an Alba nuair a phòs e rithe, mu 1570.[1] Rug i ceathrar mac, an dithis rìgh mu dheireadh air Tír Chonaill nam measg: Aodh agus Rudhraighe. Nuair a dh’fhàs a fear-chèile seantaidh is e na bhodach, ‘s e ise fhèin a bha os cionn na rìoghachd. Theirear san Annála Ríoghachta Éireann gu robh i "mar mhàthair nan Machabim, a dh’aontaich cridhe fhir gu smuaintean bannail.
Remove ads
Iomairt Phoilitigeach
Ghoideadh am mac na b’ aosda aice, Aodh Rua, air falbh ann an 1587 is chuirte e sa phrìosan sa chaisteal ann am Baile Átha Cliath. Nuair a bha esan air falbh,‘s e ise fhèin a dhìonadh gu dìleas tagradh ceannas a mhic. Ann an 1588 thug i àithne gum marbhadh Aodh Gabhalach Ó Néill, mac-bràthar, oir bha esan air oidhirp air a dhèanamh an ceannas a ghabhail os làimhe.[2] Ann an 1591 dh’fheuch Domhnall Dubh Ó Dónaill, mac a fhir-chèile bhon a’ chiad phòsadh aigese, ris a’ cheannas a ghlacadh, ach ghabhadh air agus mharbhadh aig Cath Lug na Cnamh e.[3] Dhèanadh i iomadh iomairt ri Aodh Rua a shaoradh gu laghail neo ga fhaighinn às bho Chaisteal Bhaile Átha Cliath ri linn seo.
Nuair a theich Aodh Rua mu dheireadh thall ann an 1592, thug i airgead do Néill Garbh Ó Domhnaill, an tagraiche mu dheireadh a bha air fhàgail agus thug i air a fear-cèile gun leigeadh e an ceannas ann am fàbhar a mhic aca. Sgrìobh an t-seanchaidh Hiram Morgan gur e "gnothach gu math ro-rèitichte anns an robh buaidh a mhàthar os cionn gach nì eile" a bh’ ann taghadh Aoidh mar ceann-fheadhna nan Dómhnailleach ann an 1592.[4] Chaidh i air chluainidh gu Cill Mhic Réanáin. Ach, ann an 1608, leis gach uile mac aice marbh an dèidh Teicheadh nan Iarla, chuir i a cliamhainn, Niall Garbh, ann an lìon taobh fhealltachd is chuireadh esan am prìosan sa Tùr Lunnainn.[5] Chan eil a ceann-latha bhàis aithnichte idir. A thuilleadh, tha e coltach gun do chuireadh i seachad na làithean mu dheireadh aice ann an Caisteal Mongavlin, daingneach beag ri taobh na h-Aibhne Feabhal, dìreach mu dheas Baile Suingean sa sgìre Lagan air an àirde an ear Dùn na nGall.
Remove ads
Craobh-ghinealaiche nan Dómhnallach
Aodh mac Maghnusa Ó Domhnaill, m. 1600. = 1, Tè à Èirinn = 2, Fionnuala "Iníon Dubh" NicDhomhnaill (pòsadh mu1570) | | __|______________________________________ |_________________________________________________________________ | | | | | | | | | | | | | | | | | | | | | | | | Donnchadh Domhnall Ruaidhri Siobhán nighean Nuala Aodh Ruadh Rudhraighe Maghnus Mairghead Máire Cathbarr (Scaite) m.1590 m.1575 m. 1591 fl.1579 fl.1592 1571-1602 m.1608 beò 1608 m. 1662 .1608 | | Domhnall Óg
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads