Gavin Douglas
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e bàrd ("makar"), easbaig, agus eadar-theangair Albannach a bh' ann an Gavin Douglas (1474–1522). Dh'eadar-theangaich e an t-Aeneid le Virgil gu Albais ann an 1513 fon thiotal Eneados.[1]
Remove ads
Sgeul-beatha
Rugadh Gavin Douglas ann an Caisteal Tantallon, Lodainn an Ear ann an 1474–1476. B' esan an treas mac aig GilleEasbaig, 5mh Iarla Aonghais. Fhuair e foghlam aig Oilthigh Obair Dheathain eadar 1489 agus 1494, agus as dèidh sin, a rèir choltais, ann am Paris. Ghabh e plàigh agus chaochail e ann an Lunnainn ann an 1522.[2]
Bàrdachd
Bha Douglas a' sgrìobhadh anns a' Bheurla Ghallda. B' esan aon de na "makars" mòra, còmhla ri Robert Henryson, William Dunbar, agus David Lyndsay.
- Palice of Honour
- Eneados
- King Hart
- Conscience
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads