George Elder Davie

From Wikipedia, the free encyclopedia

George Elder Davie
Remove ads

B' e feallsanach Albannach a bh' ann an George Elder Davie (18 am Màrt 191220 am Màrt 2012). B' e The Democratic Intellect: Scotland and her Universities in the Nineteenth Century (1961) an leabhar as ainmeile a sgrìobh e, agus “bha buaidh mhòr aig a smaoineasan agus aig a sgoileireachd feallsanachail air sgrìobhaichean, luchd-teagaisg, agus smaoinichean na h-Alba, agus gu ìre mhòr tha an dòigh anns an deach deamocrasaidh, agus foghlam agus cultar an òrdachadh an Alba an urra ris.”[1]

Quick facts Beatha, Breith ...
Remove ads

Beatha

Rugadh agus thogadh Davie ann an Dùn Dèagh. Bha e a’ frithealadh Àrd-sgoil Dhùn Dèagh mus deach e air adhart gu Oilthigh Dhùn Èideann. Rinn e ceum ann am feallsanachd.

George Elder Davie agus Litreachas

Bha Elspeth Davie, a' bhean aig George, na sgrìobhadair ainmeil agus fhuair i Duais Katherine Mansfield airson Sgeulachdan Goirid ann an 1978. Nuair a bha e a' fuireach ann am Beul Feirste, bha George Davie eòlach air Philip Larkin, aon de na bàrd as cliùitiche ann am Beurla anns an 20mh linn.

Ann an Dùn Èideann, bha e gu math dlùth ri Somhairle MacGill-Eain. Fhuair e eòlas air Somhairle as t-samhradh 1933. Bha George Davie na oileanach Feallsanachd an Oilthigh Dhùn Èideann aig an àm seo. “Goirid an dèidh sin, choinnich Somhairle MacGill-Eain ri caraid do George Davie, James Bowman Caird”, a bha na oileanach anns an dàrna bliadhna an Oilthigh Dhùn Èideann, “agus bha an triùir fhear nan deagh chompanaich bho sin a-mach.”[1] Stiùir Davie agus Caird Somhairle air bàrdachd Ùisdein MhicDhiarmaid. B' e Davie am fear a chuir Somhairle agus Ùisdean an aithne a chèile a' chiad turas. Mar a sgrìobh Somhairle mu a dheidhinn: “Bha George Davie gu sònraichte fiosrachail mu iomadach seòrsa gnothach an Alba, agus bha ùidh aige gu h-àraid ann an smaoineasan agus bha am fiosrachadh aige farsaing.”[2]

Remove ads

Iomraidhean

Leabhar-chlàr

Ceanglaichean a-muigh

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads