Gustavo Rojas Pinilla
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e saighdear agus neach-poileataigs à Coloimbia bh’ ann an Gustavo Rojas Pinilla (Tunja, 12 am Màrt 1900, Melgar, 17 am Faoilleach, 1975).[1] Bha e na cheann-suidhe Choloimbia eadar 13 an t-Ògmhios 1953 agus 10 an Cèitean 1957, nuair a bha cogadh neo-fhoirmeil a’ sgiùrsadh na dùthcha.[2] Bhuineadh Rojas Pinilla do theaghlach beairteach: bha oighreachdan aca agus bha athair na shaighdear ann an Cogadh na Mìle Làithean. Chaidh e dhan Oilthigh Trince ann an Indiana. Phòs e Carolina Correa Londoño à Támesis ann an 1930 agus rug i triùir duine-cloinne dha.[3]
An dèidh Acadamaidh an Airm fhàgail ann an 1927 chaidh e dhan oilthigh anns Na Stàitean Aonaichte agus bha e na innleadair fad bliadhnachan. Bha e an lùib an cogadh eadar Coloimbia agus Pearu ann an 1932 agus chaidh a chur thall thairis gus armachd a cheannachd dhan dùthaich ann an 1943. B’ e esan a chuir sìos ar-amach ann an Cali ann an 1948 cuideachd, an dèidh gun do mharbhadh Jorge Eliecer Gaitán. Chuir e seachad bliadhnachan na mhinistear agus bha e ann an Coirea cuideachd, mus do ghabh e thairis an Riaghaltas ann an 1953, mar dheachdaire.[4] Nuair a bha e os cionn na dùthcha rinn e mòran a thaobh chòirichean bhòtaidh airson nam ban agus ospadalan.[5] Bha e na thagraiche dhan cheannas ann an 1962 agus 1970, ach dh’fhàilnig e dà thriop. Chaochail e le greim cridhe aig an taigh ann an 1975.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads