Henrik Pontoppidan
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B’ e sgrìobhadair às an Danmhairg a bha ann an Henrik Pontoppidan.
Rugadh e ann am Fredericia ann an 1857 agus chaidh e do Chopenhagen airson innleadaireachd ionnsachadh ann an 1873. Dh'fhàg e an t-Institiud Polytechnic ann an 1879 is dh'obraich e mar thidsear gu ruige 1882, an dèidh do chiad teachd a-mach litreachail, sgeulachd ghoirid, Et endeligt ('An Deireannach') anns an iris Ute og hjemme ('A-muigh agus Dhachaigh'). Dh'fhoillsich e a chiad nobhail, Sandinge Menighed (Co-thional Shanding'), ann an 1883. Chaochail e ann an Copenhagen ann an 1943.[1]
Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Litreachas còmhla ri Karl Gjellerup ann an 1917.[2] Tha e ainmeil airson nan leabhraichean aige, far an robh e a' sgrìobhadh gu math mionaideach mu dhòigh-beatha anns an Danmhairg. Seo cuid den fheadhainn as ainmeile aige:
- Det forjættede Land (I-III 1891-95, Beurla: The Promised Land 1896, 'Fearann a' Gheallaidh'),
- Lykke-Per (1898-1904) (Lucky Peter, 'Peadar sona'),
- De dødes Rige (1912-16, Beurla: The Realm of the Dead, 'Rìoghachd nam Marbh')
- Mands Himmerig (1927, Man’s Heaven ,)
Remove ads
Ceanglaichean a-mach
- “Henrik Pontoppidan, forfatterskab, biografi, læsning, forskning, undervisning” (Danmhairgis). Syddansk Universitet, Det Kongelige Bibliotek is Pontoppidan Selskabet. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2018.
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads