Herman Brood

From Wikipedia, the free encyclopedia

Herman Brood
Remove ads

B' e Actair, Bàrd, Peantair[1] agus Seinneadair ainmeil às Na Tìrean Ìsle a bh' ann an Herman Brood[2] (Zwolle, 5 an t-Samhain 1946 - Amsterdam, 11 an t-Iuchar 2001). Thoisich Brood am piàna a chluich nuair a bha e dìreach 12 bliadhna a dh'aois. Bha e air leth glic ach cha do chòrd an sgoil leis idir. Dh'fhàs e gu math ainmeil mar cheòladair san dùthaich aige fhèin fad na 70an ann ann sreath dhe còmhlan-ciùil: The Moans, Cuby and the Blizzards, Q65 agus Stud. Ach 's e na rinn e còmhla ri Wild Romance, a steidhich e ann an 1977 a tha nas ainmeil nar làithean. Choinnich e ri Anton Corbijn ann an Groningen ann an 1975. Phòs Brood le Xandra Jansen ann an 1985 agus fhuair iad dithis duine-chloinne, Lola agus Holly. Bha nighean eile aige, Brenda, a rugadh ann an 1979. Beag air bheag leig e dheth an Ceòl airson a bhith na pheantair agus na bhàrd.[3] Rinn e mòran dealbhan-balla a chithear ann an Amsterdam an latha an-diugh. Bha e a-riamh ann an trioblaid leis an deoch làidir agus na drugaichean. Cha b' urrainn dha sin leigeil a dheth agus mu dheireadh thall thug Brood ùthachd dha fhèin ann an taigh-òsda Hilton,[4] ann an Hilton an Amsterdam, ann an 2001

Quick facts Beatha, Breith ...
Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads