Hermann Staudinger
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e ceimigear às a' Ghearmailt a bha ann an Hermann Staudinger (Worms 23 am Màrt 1881–Freiburg im Breisgau 8 an t-Sultain 1965). Bhuannaich e an Duais Nobel ann an Ceimigeachd ann an 1953 airson a nuadh-lorgan ann an ceimigeachd mhòr-mhoileciuileach.[1]
Rugadh e ann am Worms is bha e na oileanach aig Oilthigh Halle. Chaidh e na ollamh ann an Karlsruhe ann an 1907 agus dh'obraich e aig an ETH ann an Zürich eadar 1912 is 1926, far an do rinn e obair chudromach air poilimearan. As dèidh sin chaidh e gu Oilthigh Fhreiburg far an do mhair e fad a bheatha.[2]
Ann an 1920, mhol Staudinger gun robh moileciuilean glè mhòr is glè throm ann an stuthan mar rubar. Aig an àm siud, chreid luchd-saidheans gun robh agragaidean de moileciuilean beaga a bha ann an rubar agus poilimearan eile. Chleachd Staudinger viscometry is dhearbhaich e a bheachd-bharail.[3]
Remove ads
Leabhraichean
- Die Ketenen ('Na Ceiteanan', 1912)
- Anleitung zur organischen qualitativen Analyse ('Ro-ràdh do dh'anailis chàileachdail fàs-bheairteach', 1923)
- Tabellen zu den Vorlesungen über allgemeine und anorganische Chemie ('Clàraichean airson òraidean air ceimigeachd choitcheann agus ceimigeachd neo-fhàs-bheairteach', 1927)
- Die hochmolekularen organischen Verbindungen, Kautschak und Cellulose ('Na co-thàthaidhean àrd-mhoileciuileach, rubar agus ceallalos', 1932)
- Organische Kolloidchemie ('Ceimigeachd na colloidean fàs-bheairteach', 1940)
- Makromolekulare Chemie und Biologie ('Ceimigeachd mòr-mhoileciuileach agus bith-eòlas mòr-mhoileciuileach', 1947)
- Vom Aufstand der technischen Sklaven ('Aramach na tràille theicnigeach', 1947)
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads