Iain MacCalum
bàrd à Baile an Deòir From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e bàrd à Gleann Èite a bha ann an Iain MacCalum no Taigh nam Bàrr no Bàrd Taobh Loch Èite.
Rugadh e ann am Baile an Deòir, faisg air Taigh an Uillt, ann an 1851. Dh'ionnsaich e puirt bho na boireannach a thàinig bho bailtean air feadh na Gàidhealtachd airson obrach ceangailte ris an fhùirneis iarainn ann am Bun Abha. Aig aois 24 chaidh e gu Glaschu agus dh'obraich e mar phoileas. Bha e na cheann-suidhe air Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu agus theagaisg e Gàidhlig do na buill. Sgrìobh e ceòl airson na còisire cuideachd agus bha e na cheann-suidhe Cair Comann Latharnach Ghlaschu agus na iar-cheann-suidhe air Cèilidh Àrd-sgoil Ghlaschu. Bhris a shlàinte is e 50 agus thill e gu Earra-Ghàidheal.
Chaidh am feabhas agus stèidhich e còisir Ghàidhlig ann an Taigh an Uillt. Bha e cuideachd na bhall de Bhòrd Sgoile Ghleann Urchaidh agus Innis Àill agus na èildear anns an Eaglais Shaor Aonaichte.
Bhàsaich e aig aois 75. B' e Iain MacPhàrlain (am Briogadiar) ogha dha.[1]
Remove ads
Òrain
- "Bràighe Mhuc-carna"
- "Cath Gairidheach" air fonn 'Meàrrsadh Dhòmhnaill Bhallaich'
- "Croitearan Thròndairnis" air fonn 'Gillean Port Rìgh'
- "Fàilte Bhun-Atha"
- "Fàilte Lathurna"
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads