Iain MacNeacail (An Sgiobair)
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e seinneadair, sgeulaiche agus bàrd a bh' ann an Iain MacNeacail (30 an Dàmhair 1903[1] - 17 an Cèitean 1999[1]) ris an canar An Sgiobair cuideachd.
Remove ads
Beatha
Rugadh e ann an Siadar[1] anns an Eilean Sgitheanach air 30 an Dàmhair 1903. A rèir iomradh a sgrìobh Catrìona NicGumaraid, cha robh e aig muir riamh ach fhuair e an far-ainm is e a' cosg 'deise seòladair' air a’ chiad latha a chaidh e don sgoil.[2] Thòisich e ri bàrdachd nuair a bha e na dheugaire.[2]
Aig àm an Dàrna Chogaidh, chaidh Iain dha na Royal Scots Fusiliers. B' ann aig Coimisean na Coilltearachd a bha e ag obair an uair sin.[2] Dh'fhuirich e anns a’ Chuidreach faisg air Uige còmhla ri a bhean Màiri leis an ochdnar chloinne a bh' aca.[2]
Chaochail e air 17 an Cèitean 1999.
Remove ads
Clàr-leughaidh
Leabhraichean
- Hebridean Songmaker: Life and Songs of Iain MacNeacail, le Tom McKean, Polygon 1997, ISBN 0748662146
- The Life and Songs of Iain ‘an Sgiobair’ MacNeacail and the Role of a Song-maker in a Hebridean Community, le Thomas A. McKean, Oilthigh Dhùn Èideann, 1993
- NicGumaraid, Catrìona (deas.). 1980. Òrain Aonghais agus an Sgiobair: Òrain le Aonghas Fleidsear agus Iain MacNeacail (Dundéagh [Dùn Dé]: Catrìona NicGumaraid)
- Òran Uige
- A Mhàiri Bhàn, tha thu lurach
- Tha mi fo thùrs, air bheagan sunnd
- Òran a' Vheto
- O Mhàiri, hé Mhàiri
- Tarbh Oighre
- Òran a' Cheàird
- An t-Each Iaruinn
- Òran an Fhéidh
- Ho-ro tha mi fo smalan dheth
- Bidh mi Cuimhneachadh 's ag Ionndrainn
- Thoir an t-Soraidh so bhuam
- Òran an Fhraing
- Òran Mhicrath
Remove ads
Iomraidhean
Ceanglaichean a-muigh
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads