Isaac Watts
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Bha Isaac Watts (17 an t-Iuchar 1674–25 an t-Samhain 1748) air fear de na bàird spioradail as ainmeile ann am Breatainn.
Rugadh is thogadh e ann an Southampton. Nuair a bha e 16 bliadhna a dh'aois chaidh e gu Stoke Newington far an robh e na oileanach na ministreachd. Aig an àm sin bha athair dha, air an robh cuideachd Isaac, anns a' phrìosan airson a chreideamh. Dh'fhoillsich e Hymns and Spiritual Songs ann an 1707 agus The Psalms of David Imitated in the Language of the New Testament ann an 1719.[1] Fad iomadh bliadhna ’na bheatha cha robh a shlàinte ach mì-chinnteach, ach chleachd e na tàlantan a fhuair e ann a bhith a’ sgrìobhadh laoidhean. Ann an 1728 fhuair e Dotaireachd ann an Diadhachd honoris causae o Oilthigh Dhùn Éideann. Chuir e barrachd is seachd ceud laoidh ri chéile, agus cluinnear móran dhiubh chun an latha an-diugh.
Remove ads
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads